Dachaigh

Feille nam Freshers 2009 agus Oidhche Fàilte


Feille nam Freshers 2009 agus Oidhche Fàilte

Freshers' Week 2009 and Welcome Night

Category: General
Posted by: Kirstie

Tha sinn air ais a-nis airson bliadhna eile agus tha mi airson fàilte a thoirt oirbh uile dhan a’ chomuinn am bliadhna. Bha bòrd againn a-rithist am bliadhna aig Feille nam Freshers agus thairis air an da latha tha mi toilchte ri radh gun d’fhuair sinn mu leth-cheud ainmean bho Freshers agus feadhainn ann am bliadhnaichean eile aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. Taing mhòr dhan a h-uile duine a bha air a’ bhòrd againn thairis air an da latha.

Tha mi cuideachd airson cuireadh a thoirt dhuibh uile dhan an Oidhche Fàilte a tha gu bhith againn air Diardaoin 24mh den t-Sultain, aig 5f - Seòmar 202, 3 Gàrraidhean an Oilthigh. ‘S e oidhche fìon is càise a bhios ann còmhla ri Roinn na Ceiltis agus na Gàidhlig. Bidh cothrom aig a h-uile duine beagan fhaighinn a-mach mun a’ chomunn agus cuideachd obair ùr aig Fiona Dunn mar Oifigear na Gàidhlig anns an Roinn.

Tha sinn airson ‘s gum bi seo am prìomh oidhche airson ainmean fhaighinn airson ballrachd am bliadhna. Tha feum agad £3 a phaigheadh airson a bhith nad bhall den chomuinn airson bliadhna agus bhitheadh e ma nan robh cuimhne aig a h-uile neach an airgead seo a thoirt air an oidhche. Cuideachd bidh cothrom ann airson hudaidhean a cheannach. Tha iad a’ cosg £25 agus tha iad a’ tighinn anns na meudan; beag, meadhanach agus mòr.

Tha sinn coimhead air adhart ri bhur faicinn air Diardaoin.


^ Bàrr