Strì nan Telebhisean

Strì nan Oileanach air Craoladh - 1988 Le Tormod Caimbeul

(Bha Tormod sa Chomunn aig àm an strì. Tha e a-nis ag obair na fhear-naidheachd aig a' BhBC ann an Steòrnabhagh.)

O chionn ceithir-bliadhna deug 's iad Comunn na Gàidhlig a bha os ceann na h-iomairt airson tuilleadh choirichean fhaighinn don chànan ann an craoladh. 'S ann gu sonraichte air telebhisean a bha iad ag amas agus bille ùr craolaidh ga ullachadh ann an Westminster aig an àm sin.

A-measg an iomadach buidheann eile a bha an luib na strì sin, bha Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu a' cuir air adhart beachd nan oileanach. Bha Kay NicLeoid aig ceann strì na oileanach agus bha ballrachd làidir ann cuideachd. Am prìomh amas a bh'againn 's e bhith sealtainn don riaghaltas agus na companaidhean craolaidh nach robh e idir iomchaidh prògraman anns a' chànain bhith gan cuir a-mach aig meadhan oidhche - agus gum feumadh am bille ùr feart a thoirt air coirichean nan Gaidheal.

Dh'iarr CNAG - agus lean sinn an t-iarrtas sin - ceithir rudan sònraichte bhon riaghaltas. Bhathar a' moladh suim airgeis iomchaidh bhith ga chosg gach bliadhna air prògraman anns a' chànain; gun rachadh an cuir an adhair aig "prìomh ama" - eadar sia agus naoidh uairean feasgar; gur ann ag àrd ìre a thaobh drach agus susbaint a bhiodh iad sin; agus gum biodh farsaingeachd agus caochladh chuspairean air an àireamh.

Ann an samhradh 1988 chruinnich sinne agus na comainn Ceilteach anns na h-oilthighean eile, còrr's deich mìle ainm a chiadh ann an ath-chuinge chun an riaghaltais. Bha Iain Aonghas MacAoidh bho ChNAG a' co-ordanachadh na gluasadan fa leth a rinn iomadach buidheann air feadh na rioghachd ach bha an ath-chuinge againn mar mheadhan air sealtainn gun robh fìor iarraidh a-measg an t-sluaigh. Thug sinn an ath-chuinge gu dorus Mhairead Thathcher fhèin - 10 Sràid Dhowning - agus timcheall air deichnear againn air siubhal air bus na h-oidhche bho Sràid Bhocanan ann an Glaschu.

As dèidh sin lean an strì. Chaidh feadhainn againn nar suidhe air starsach STV, a chuir an aghaidh cho fada dhen oidhche 's bha iad a' craoladh na prògraman Gàidhlig againn. Fhuaireas taic dhan iomairt bho Chomhairle Oileanaich Oilthigh Ghlaschu, an SRU. Agus thugadh rabhadh don riaghaltas gur docha gun toiseachadh na Gaidheil air eas-umhlachds chathatt (civil disobedience) mur a faighiste ar coirichean.

Aig àm na Nollaige 1989 leig rùnaire na h-Alba, Calum Rifkind, fhaicinn gum biodh Storas Telebhisein Gàidhlig ann agus ochd gu leth mìllean not anns an sporan sin gach bliadhna.

 

 


^ Bàrr