Òran a' Chomuinn
Cluinnibh ceòl, cluinnibh ceòl
Cluinnibh ceòl òigridh Oisein,
Comunn sòlas mo rùin,
'Toirt 'n ar cuimhn' tìr ar n-athar.
Saoilidh sibh gu bheil iad faoin,
Tuigear leibh gu bheil iad seasmhach,
Comunn òirdhearc nan laoch,
Gach Di-haoin ann an càidreamh.
'S cuimhne leinn, tràth thig an uair,
Bhi mu'n cuairt air an teallaich,
'G éisdeachd farum nan pìob-mhòr
Agus òrain nan cailleag.
Bhiodh gach ni an ceann a chéil'
Sgeul na Féinn' is an gaisge,
Bhiodh gach aon gu tosdach balbh#
Ach an seanachaidh ‘s a' chathair.
Cha robh duine an sud gun suim
Ach aon mhilltear a' Chomuinn,
Bhiodh e lasganaich le oillt:
Ochan, *Gloibhst a' bhalla tharsuinn!
Teannaidh sinne nis gu dlùth
Ann am mùirn 's ann am macnas;
Cha n'eil duine tha fo'n ghréin
Nach toir géill do Chloinn Oisein!
Le Seumas Mac Coinnich. Nochd seo ann an Oisean 1933.
*An t-amadan anns a' chuideachd




